Letra Bothan Àirigh Am Bràigh Raithneach (A Sheiling On The Braes Of Rannoch) de Julie Fowlis

Letra de Bothan Àirigh Am Bràigh Raithneach (A Sheiling On The Braes Of Rannoch)

Julie Fowlis


Bothan Àirigh Am Bràigh Raithneach (A Sheiling On The Braes Of Rannoch)
Julie Fowlis
(0 votos)
gur e m' anam is m' eudail
chaidh an-dè do Gleann Garadh:
fear na gruaig' mar an t-ór
is na pòig air bhlas meala

o hi ò o hu ò
o hi ò o hu ò
hi rì ri ò hu eile
o hì ri ri ò gheallaibh ò

is tu as fheàrr don tig deise
de na sheasadh air thalamh
is tu as fheàrr don tig culaidh
de na chunna mi dh'fhearaibh

o hi ò o hu ò
o hi ò o hu ò
hi rì ri ò hu eile
o hì ri ri ò gheallaibh ò

is tu as fheàrr don tig osan
is bròg shocrach nam barrall
còta Lunnainneach dubh-ghorm
is bidh na crùintean ga cheannach

o hi ò o hu ò
o hi ò o hu ò
hi rì ri ò hu eile
o hì ri ri ò gheallaibh ò

an uair a ruigeadh tu 'n fhèill
is e mo ghèar-sa a thig dhachaigh
mo chriosan is mo chire
is mo stiomag chaol cheangail

o hi ò o hu ò
o hi ò o hu ò
hi rì ri ò hu eile
o hì ri ri ò gheallaibh ò

– oboe solo

thig mo chrios à Dùn Eideann
is mo bhrèid à Dùn Chailleann
gheibh sinn crodh as a' Mhaorainn
agus caoraich à Gallaibh

o hi ò o hu ò
o hi ò o hu ò
hi rì ri ò hu eile
o hì ri ri ò gheallaibh ò

is ann a bhios sinn gan àrach
air àirigh am Bràigh Raithneach
ann am bòthan an t-sùgraidh
is gur e bu dùnadh dha barrach

o hi ò o hu ò
o hi ò o hu ò
hi rì ri ò hu eile
o hì ri ri ò gheallaibh ò

bhiodh a' chuthag 's an smùdan
a' gabhail ciùll duinn air chrannaibh
bhiodh an damh donn 's a bhùireadh
gar dùsgadh sa mhadainn

o hi ò o hu ò
o hi ò o hu ò
hi rì ri ò hu eile
o hì ri ri ò gheallaibh ò

o hi ò o hu ò
o hi ò o hu ò
hi rì ri ò hu eile
o hì ri ri ò gheallaibh ò


Comparte Bothan Àirigh Am Bràigh Raithneach (A Sheiling On The Braes Of Rannoch)! con tus amigos.


Que tal te parece Bothan Àirigh Am Bràigh Raithneach (A Sheiling On The Braes Of Rannoch) de Julie Fowlis?
Pesima
Mala
Regular
Buena
Excelente