Cancion : Turas San Lochmor Artista : Julie Fowlis Album : Cuilidh Url : https://www.letras10.co/letra-turas-san-lochmor-de-julie-fowlis An nì a bha nam inntinn gun inns mi dhuibh an rann: Gu falbhainn dh'aindeoin sìde air sgrìob do thìr nan Gall Le baga làn de chearcan agus rudan a bha gann – Gum bithinn aig Bliadhn' Ùir ann 's gun chùmhnadh air an dram Diciadain dh'fhalbh mi casruisgt' le mo bhagaichean nam dhòrn A' dol a Loch nam Madadh ghabhail aiseag san Lochmor; Bha fuachd na mo chasan-sa 's bha sneachd' air bhàrr nan lòn ‑ Cha dìochuimhnich mi 'n t‑allaban cho fad' 's a bhios mi beò Nuair ràinig mi a' cheàrdach, àrdach duine chòir A thug a‑staigh gun dàil mi 's a nochd dhomh càirdeas mòr Thug dhomh tì a b' fheàirrde mi ri aghaidh bhlàth an stòbh ‑ Gu seasainn fuachd nuair dh'fhàg sinn le mo chaiseart blàth 's lem chòt' Nuair dh'fhalbh an carbad-ola leinn 's ar n‑aghaidh thoir dhan tuath Bha sinn greis an Cearsabhagh a' blasad air stuth cruaidh; Gun tàinig Bean na Maise 's am muir geal oirre mun cuairt 'S chanainn fhìn gum b' amadan a rachadh innt' air chuan Nuair thog i mach gu farsainneachd, 's sinn airsnealach is sgìth Nuair thòisich cur na mara oirnn, bu mhath a bhith air tìr; Bha mise mar bha càch, le spàirn orm a' strì ‑ An drama dh'òl mi 'n Cearsabhagh, bu duilich dhealaich sinn On ear‑dheas bha i sèideadh oirnn, gun choltas tighinn na b' fheàrr Bha sinn uil', oir b' fheudar dhuinn, nar sìneadh air an làr; Nuair readh i sìos dhan chlaisidh leinn 's am muir a' sgailceadh àrd Bha cùram air gach neach againn nach tilleadh i gu bràth B 'e siud an oidhche ànranach a bh' againn anns a' bhàt' Ach ràinig sinn Loch Baghasdail le dìon an Tì as Àird; Thug mi leam mo bhagaichean agus thàrr mi às a' bhàt' ‑ Chan fhanainn‑sa na b' fhaid' innte ged rachainn dhan taigh-gheàrd! Fhuair mi cadal socair ann an dachaigh dhaoine còir Aig Maiseig Ruadh, 's mo ghràdh oirre, oir nochd i càirdeas dhòmhs': Guma fada slàn i, oir 's bàidheil i na dòigh Gu gabhail ro aon ànranach a dh'fhàgadh an Lochmor Mun crìochnaich mi an t-òran seo, gun inns mi dhuibh an còrr: A‑màireach thill mi dhachaigh agus botal na mo phòc; Chruinnich sinn na càirdean gu pàrtaidh dhe gach seòrs' Is cha robh h‑aon a thàinig leinn a chàineadh an Lochmor! ========================== Letra descargada de Letras10.co ==========================