Letra Luadh An Toraidh de Karen Matheson

Letra de Luadh An Toraidh

Karen Matheson


Luadh An Toraidh
Karen Matheson
(0 votos)
Uair a bha an tir mar fhàsach
Cha robh bròg a thogadh danns ann
‘s gann am beul a sheinneadh duan ann
Smior an dream mar ath-sgal tuamach
Creid ar nàimhdean is an cumhachd
Iad a dh’iarr ar muchadh buileach;
Ann an lagh is ann am foghlam
Dhiùlt iad dhuinn ar cliù ’s ar còirean
Seòlta mar a chaidh ar mealladh
Gu bhi measadh faoin ar teanga
Gus an robh i cnàmhte ’s anfhann
An impis a bhi suaint san anairt -
Thog sinn strì ’s cha b’ann le fòirneart
Ach le fonn is ruighl’ is òran
Cha b’e caismeachd tromh na sràide
Ach tromh a buadhan grinn, a Ghàidhlig
Seinn is seinn, O seinn a nàbaidh, mireadh chasan, o hi
Seinn as ùr i, ar seann chànan, binneas bhilean, o ho


Comparte Luadh An Toraidh! con tus amigos.


Que tal te parece Luadh An Toraidh de Karen Matheson?
Pesima
Mala
Regular
Buena
Excelente