Letra Ged A Sheol Mi Air M' Aineol de Julie Fowlis

Letra de Ged A Sheol Mi Air M' Aineol

Julie Fowlis


Ged A Sheol Mi Air M' Aineol
Julie Fowlis
(0 votos)
Ged a sheòl mi air m' aineol
Cha laigh smalan air mi' inntinn
Ged a sheòl mi air m' aineol

'S ann à Boston a sheòl sinn
Dol air bhoidse chun na h-Ìnnsinn

Rinn sinn còrdadh ri captain
Air a' bhàrc a bha rìomhach

Trì latha roimh na Nollaig
Thàinig oirnn an droch shìde

Shèid i cruaidh oirnn le frasan
'S clachan mheallain a bha millteach

Cha robh ròpa 's cha robh òirleach
Nuair a reoth ann nach robh trì ann

Chaill sinn craiceann ar làmhan
Bha ar gàirdeanan sgìth dheth

Cha còignear nan seasamh
'S bha seachdnar nan sìneadh

Trì latha is trì oidhche
'S mi ri chuibhle ri droch shìde

Nuair a labhair an captain
"Illean tapaidh na dìobraibh

Nuair a ruigeas sibh cala
Bidh ur drama dhuibh cinnteach

Tha lionn-diubh aig mo mhàthair
Is dùil aic' nach till mi


Comparte Ged A Sheol Mi Air M' Aineol! con tus amigos.


Que tal te parece Ged A Sheol Mi Air M' Aineol de Julie Fowlis?
Pesima
Mala
Regular
Buena
Excelente